(English Synopsis: Mermaids and selkies are a recurring theme in Gaelic stories but especially in the age of #MeToo, many of these stories jar somewhat and are perhaps due for a critical re-evaluation. As a thought experiment, I decided to see what would happen if I re-told a selkie story and swapped the genders. As it turns out, it’s surprisingly difficult and leaves you with a story that makes you wonder about our perceived gender roles.

Bha ban-tuathanaich ann bho chionn fhada agus bha i a’ falbh air a’ chladach latha agus chunnaic i seachd ròin a’ tighinn gu cladach. Chaidh i am falach agus chunnaic i iad a’ tighinn gu tìr is a’ cur dhiubh nan cochall-èisg aca. Dè bh’ annta ach fir-mhara bhrèagha. Nuair a dh’fhalbh iad ’gan nighe fèin sa mhuir, chaidh i ann is ghoid i leatha an aon a bu mhotha dhe na cochaill is chuir i am falach e. Nuair a thàinig na fir-mhara air ais a dh’ionnsaigh nan cochall aca, fhuair gach aon dhiubh a chochall fhèin ach am fear a bu mhotha dhiubh. Lorg e a chochall fhèin gus an robh e sgìth. Dh’fhalbh càch a-mach air a’ chuan is dh’fhuirich esan leis fhèin ’s e a’ caoineadh ’s a’ caoidh, na shuidhe air aon dhe na clachan air a’ chladach ’s e rùisgte. Thàinig i far an robh e ’s chuir i  cleòca mu thimcheall agus thug i leis dhachaigh e. Fhuair i aodach dha ’s dh’ionnsaich e obair a dhèanamh ’s bha e glè ghnìomhach. Phòs i e agus dh’fhàs i trom aige.

dealbh de ròn

Thud, carson a phòsainn mèirleach mar thusa?

Fada na dhèidh sin, an àm an earraich, bha i a-muigh a’ treabhadh agus bha an duine aice a-muigh a’ coimhead mun cuair air gnothaichean agus nuair a thàinig e a-steach, thuirt e ri mhac, “Nach iongnadh leat nach eil do mhàthair a’ cur mu dhèidhinn a’ mhulain-arbhair sin a bhualadh is feum aice air sìol gu goirid?” Agus thuirt a mhac, “Tha rud bòidheach aig mo mhàthair ’ga glèidheadh sa mhulan sin is chan fhaca mi riamh rud cho bòidheach ris.” Agus dh’fhaighnich esan gu dè an cruth a bh’ air is dè an dath a bh’ air. Agus dh’innis am balach an cruth mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dha is gun robh dath uaine air. Chaidh esan dhan ghàrradh far an robh am mulan agus sgap e e às a chèile. Ruith am balach is dh’innis e dha màthair mar a thachair is thàinig i gu luath a dh’fhaicinn an duine aice mu ’m fàgadh e i. Ach bha an cochall-èisg air mun dàinig i. Dh’iarr i air fuireach leatha ach chan fhuiricheadh.

Tha maighdeannan-mara a’ nochdadh gu math tric ann an sgeulachdan Gàidhlig, eadar maighdeannan-ròin is maighdeannan-mara agus tha iad cumanta cuideachd ann an dùthchannan eile eadar Inis Tìle ’s Lochlann. Ged nach robh maighdean-ròin sna sgeulachdan a bha romhan sa phròiseact seo, tha iomadh maighdean-mhara air nochdadh, can ann an Iain Mac an Iasgair.

Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi car amharasach mu na sgeulachdan seo an-diugh, ged a bha mi gu math dèidheil orra nuair a bha mi òg. Gu sònraichte ann an linn na h-iomairt #MeToo, tha iad a’ fàgail blas car searbh ’nam bheul oir aig a’ cheann thall, chan eil annta ach sgeulachdan èigneachadh bhoireannach agus cha chreid mi gun innsinn iad dha mo chlann fhìn nam biodh clann agam. Chan ann san dreach tradaiseanta co-dhiù.

Cha robh a leithid ann nuair a leugh mo sheanmhair na sgeulachdan seo dhomh ach chuala mi gu bheil diofar dhaoine air na sgeulachdan tradaiseanta seo ath-innse air dòigh a tha nas cothromaiche, can na Gender-swapped Fairly Tales. Chan e eòlaiche sgeulachdan a th’ annam agus is mathaid gun deach seo a dheasbad am measg nan eòlaichean mu thràth ach bhuail e orm gum biodh e inntinneach an aon rud fheuchainn. Sgeulachd na maighdinn-mara, boireannach an àite an fhireannaich is a chaochladh, dìreach mar dheuchainn.

Tha an sgeulachd gu h-àrd ann am More West Highland Tales agus rinn mi dìreach sin.  Agus abair iongnadh a bh’ orm nuair a mhothaich mi dè cho doirbh ’s a bha sin. Tha an toiseach ag obair ceart gu leòr ach tha rudan a’ fàs car neònach an uair sin. Gabhaidh a chreidsinn fhathast gun rachadh boireannach am falach is sia fireannaich a’ nochdadh air a’ chladach às a’ mhuir. Ach an uair sin a’ goid a’ chochaill is a’ sparradh air fireannach a pòsadh agus an uair sin clann a bhith aca? Tha e a’ fàgail na sgeulachd air fad car do-chreidsinneach ma chuireas sinn boireannach an àite fireannaich is a chaochladh agus tha sin sin, saoilidh mi, a’ togail ceistean mòra a thaobh cò a’ ghnè aig a tha làmh an uachdar ann an seann sgeulachdan agus am bu chòir dhuinn an innse do chlann an-diugh mar a bha iad o shean.

Mìcheal Bauer, cuidiche rannsachaidh

Share