garg, adj. ‘fierce, savage, ferocious’

Is e a th’ ann an GARG ach buidheann-rannsachaidh eadar-nàiseanta a tha a’ cruthachadh teicneòlas dhan a’ Ghàidhlig agus ga chleachdadh gus cultar agus cànan na Gàidhlig a neartachadh agus a thuigsinn nas fheàrr.

Leis cho riatanach agus a tha teicneòlas nar beatha an-diugh, ar leinn gu bheil e aig cridhe ath-bheòthachadh a’ chànain. Tha sinn cuideachd dhen bheachd gu bheil e cudromach a bhith a’ leasachadh teicneòlas anns a bheil luchd-cleachdaidh na Gàidhlig fhèin an sàs. Le com-pàirteachas eadar oilthighean, buidhnean poblach agus coimhearsnachdan na Gàidhlig, tha sinn ag amas ri làrach daingeann a chruthachadh dhan chànan ann an saoghal conaltradh digiteach an latha an-diugh. Tha sinn an dùil agus an dòchas gum fosgail an obair seo àitichean ùra airson cleachdadh na Gàidhlig agus gun cuir i ri seasamhachd a’ chànain san àm ri teachd.

GARG is an international research group devoted to developing modern technologies for Gaelic and utilising them both to strengthen and better understand the language and its associated culture.

Given the importance of technology in modern communication, we believe that it is central to the language revitalisation effort. We also believe that it is crucial to develop technologies for Gaelic users, with Gaelic users. Through cooperation between universities, public bodies and the Gaelic  community itself, we aim to create a growing platform for Gaelic in technologically mediated spaces. Ultimately, our ambition is to create new domains for Gaelic-usage and bolster the future stability of the language.   

Garg-thonn

Share