Any views expressed within media held on this service are those of the contributors, should not be taken as approved or endorsed by the University, and do not necessarily reflect the views of the University in respect of any particular issue.

Rannsachadh digiteach air a' Ghàidhlig ~ Goireasan digiteach airson nan Gàidheal

Tag: eachdraidh

Hoire, Lady Evelyn

Dealbh de dh’fhalaire

Falaire sna meadhan-aoisean

(English Synopsis: How working on a nearly illegible word in a story taken down by Lady Evelyn over a hundred years ago helped solve the mystery of what exactly the term alaire means and whether it has a long or short vowel in Gaelic)

Seadh, ’s Lady Evelyn Stiùbhart Mhoireach à Siorrachd Pheairt a tha mi a-mach air. Bha mi riamh dèidheil oirre ach tha mi air leth taingeil dhi an t-seachdain-sa, oir dh’fhuasgail i snaidhm cànain dhomh a bha a’ cur dragh orm o chionn fhada.

Tha facal car annasach sa Ghàidhlig aig a bheil dà chiall gu gur eadar-dhealaichte a-rèir coltais: falaire. Anns a’ chiad dol a-mach, tha e a’ ciallachadh am biadh a gheibhear aig tìodhlacadh (o shean, b’ e sin aran-coirce, càise agus drama) air neo nàdar de dh’each. Nuair a bha mi ag obair air na h-innteartan seo san Fhaclair Bheag,  chùm mi fa leth iad. Ged nach robh mi buileach cinnteach dè am freumh a th’ aig a’ bhiadh tìodhlacaidh, ar leam gur e dà fhreumh eadar-dhealaichte a bha seo ach air an robh, an dèidh linntean, an aon chruth air co-thuiteamas. Gu fortanach, bha co-dhiù am biadh furasta a gu leòr a thaobh cèill is litreachaidh. Ach abair snaidhm a bh’ anns an dàrna facal…

Anns a’ chiad dol a-mach, cha robh e cho furasta fiosrachadh dè dìreach a’ chiall a th’ aige. Lorg mi rudan mar na leanas:

  • Dwelly:
    alaire, s.f. ‡Brood mare. 2 see falair.
    falair, -e, -ean, s.m. Ambler, pacer (of a horse)
    falaireach, †† a. Prancing
    –d, s.f.ind. Ambling, pacing, curvetting, stately motions of a war-horse, prancing. 2 Canter.
    falairich, v.a. Amble
  • Edward Lhuyd:
    56A. Galloping, pacing. Fâlereachd, A[rgyll].
  • Am faclair aig an Urr. Tormod MacLeòid:
    FÀLAIRE, -EAN, s.m. (Fàl, turf) An ambler, pacer, (of a horse,) a mare
  • Am faclair aig Athair Ailean MacDhòmhnaill:
    FÀLADAIR, 24. a swift rider as if riding a fairy steed or fàlairidh. [Fàlairidh. Heard it used by old men to mean a horse. J.M.]
    FÀLAIREACHD, 26, galloping.
  • DASG
    fàlaireachd, another word for ‘marcach’. [NOTES: note added – riding.]
  • Faclair an Duinnínigh:
    FALAIRE, g. id., pl., -RÍ, m., an ambler, a pacing horse.
    FALAIREACHT, -A, f., an ambling pace; act of ambling, pacing; American handgallop; the flaw in horses of moving both legs on each side alternately; the gait of a spancelled goat, etc.
  • MacGilleBhàin:
    fàlaire, an ambler, mare, Ir. falaire, ambling horse; seemingly founded on Eng. palfrey. The form àlaire exists, in the sense of “brood mare” (McDougalls’s Folk and Hero Tales), leaning upon àl, brood, for meaning. Ir. falaradh, to amble.

Mo ghaol air Dineen A bharrachd air sin, bha e a’ nochdadh an-siud ’s an-seo ann an seann sgeulachdan mar Buachaille Caora Caomhaig:

“Am bàs os do chionn, a bhéist,” ars esan, “gu dé d’ éirig?” ars esan.
“Ó ’s iomadh rud sin,” ars am fuamhaire, ars esan, “ach chan eil sìon a th’ agam nach fhaigh thu,” ars esan, “ach leig leam mo bheatha,” ars esan.
“Dé,” ars esan, “a bheil agad?”
“Tha,” ars esan, “a h-uile seòrsa agam,” ars esan, “as urrainn duine ainmeachadh,” ars esan. “Tha,” ars esan, “tha fàlairidh agam,” ars esan, “nach do … nach do mharcaich duine riamh a leithid,” ars esan.

Gu dè fon ghrèin a bh’ agam an-seo ma-thà? Nàdar de dh’each math, a-rèir nan seann-sgeulachdan, ach dè dìreach? Agus carson a bha an fhuaimreag a’ dol eadar fada ’s goirid, fiù ann an leabhraichean a bha a’ sgrìobhadh nan stràcan gu cunbhalach? Tha cuimhne agam gun dug mi sùil airson falaire ann an eDIL aig an àm, feuch dè an cruth a bh’ air an fhacal seo san t-Seann-Ghaeilge, ach cha d’fhuair mi dad.

Aig a’ cheann thall, an dèidh dhomh cus ùine a chosg air an aon fhacal mar a thachras uaireannan, chuir mi romham am facal a chur ann le fuaimreag fhada, leis gun robh e a’ nochadh ann an uiread a sgeulachdan mar sin. Ach gach turas a chunnaic mi falaire no fàlaire ann an sgeulachd, chuireadh e dragh orm. Unfinished business, mar a chanas iad sa chànan eile.

Feasgar an-diugh, bha mi ag obair air ceartachadh agus thàinig mi gu sgeulachd ùr air an robh Lasair Gheug a chaidh a thogail aig tè NicGilleMhaolain ann an Srath Tatha le Lady Evelyn ann an 1891 nuair a bha Gàidhlig pailt san sgìre fhathast. ’S e làmh-sgrìobhadh car seann-fhasanta a bh’ ann, bachallach bachlagach, agus gu math mì-shoilleir ann an cuid a dh’àitichean, lethbhreac de lethbreac de lethbreac is dòcha, mus deach a sganadh. Ach co-dhiù, stiall mi orm gus an dàinig mi gu leth-bhèarn:

Rudeigin a’ tòiseachadh le à, rudeigin, dà litir le ceann suas, agus rudeigin eile. Ge be ciamar a thionndaidh mi e, cha robh dad a’ bualadh orm. Dh’fheuch mi an uair sin an sgeulachd a lorg ann an tùsan eile, air teans gun deach a chur ann an clò-bhualadh ’s gun robh lethbhreac nas soilleir acasan. Cha d’fhuair mi lorg air an tionndadh Ghàidhlig ach thachair gun deach an tionndadh Beurla fhoillseachadh agus bha sin ’na chuideachadh mòr dhomh. ’S e a’ Bheurla a leanas a chur Alan Bruford air an earrann seo:

We will kill the king’s graceful black palfrey, and leave it on the landing.

Palfrey? Each? Bha mi air na sgrìobh MacGilleBhàin air dhìochuimhneachadh agus cha robh à?ll/bb/bh/tl/th/??? fhathast a’ dèanamh ciall sam bith. Cha robh dad a’ nochdadh sna tùsan àbhaisteach fo palfrey. Nuair nach bi slighe eile agam, feuchaidh mi eDil gu tric, car mar oidhirp dheireannach – agus nochd na leanas air an sgrìn:

falafraigh f. (OF palefrei) a palfrey: falafraigh alafraigh IGT, Decl. § 13 . alafraidh ‘na héruim, ex. 639 . inghean … ┐ falabhraigh uaine fúithe, Each. Iol. 37.26 . g s. Inghean na Falabhrach Uaine, 38.4 . ar édach h’alafraidhe, IGT, Decl. ex. 640 . .xx. falafraidh, Fier. 111 . pl. tuc eich ┐ falafracha [sic leg.] dó, AU 1516 . an ḟalartha ghorm `the blue Ambler’ GJ vii 90 ff .

Agus mar chlach às an adhar, bha an dà chuid fhios agam dè bha san sgeulachd seo (àllaire) agus dè bha am facal fàlaire a’ ciallachadh agus nòisean carson a bha e a’ dol eadar fada agus goirid (a bharrachd air folk etymologies mar fàl). ’S e am badan de chonsain am meadhan an fhacail palfrey a bu choireach. Cha robh -lfr- nàdarra sa Ghaeilge no sa Ghàidhlig agus stob iad fuaimreag eile a-steach an toiseach: falfr– > falafr-. Mar a thachras ann an Gàidhlig an-diugh fhathast ann am faclan aig a bheil fuaimreag-chuideachaidh (mar eisimpleir falmadair /faLamədɪrʲ/). ’S e an rud inntinneach a th’ aig an fhuaimreag-chuideachaidh gu bheil e air leth làidir agus a’ tarraing beum air falbh on chiad lide agus ma dh’fhaighnicheas tu de dhaoine aig a bheil Gàidhlig o thùs, chan urrainn dhaibh a ràdh le cinnt an e fuaimreag fhada, leth-fhada, no ghoirid a th’ ann. Ar leam gun robh làmh aig an -f- ud a bharrachd is e a’ crìonadh air falbh agus dh’fhàg sin facal againn aig an robh fuaimreagan caran às an àbhaist. Tachraidh rudan mar sin uaireannan, mar eisimpleir, tha calpa /kaLabə/ car às an àbhaist oir chan fhaighear an fhuaimreag-chuideachaidh le -lp- a ghnàth ach ’s e colbtha a bh’ ann o shean, le fuaimreag-chuideachaidh ach fo bhuaidh -th- dh’fhàs am b ’na p.

A thaobh na cèille, ’s e each air leth luachmhor a bh’ ann am palfrey o shean. Bha iad comasach air ceum rèidh ris an canar ambling sa Bheurla, falaireachd, agus rachadh na h-eich seo astar fada ’s iad ri falaireachd. Cha chreid mi gun robh e riamh a’ ciallachadh brood mare gu sònraichte ach gun robh luchd nam faclairean a’ dol claon beagan leis gur e facal boireann a th’ ann am falaire. Ach ma dh’fhaoidte gun robhar deònach orra mar brood mares cuideachd… ma bha iad cho luachmhor, ’s e each mar sin a bhiodh tu ag iarraidh airson searraich a thoirt dhut, nach biodh? Co-dhiù no co-dheth, air a’ char as lugha, tha cinnt agam a-nis dè seòrsa each a th’ ann!

Cha chreid mi gu bheil fuasgladh glan ann a thaobh litreachaidh an fhacail seo. ’S ann goirid a tha e san Fhaclair Bheag a-nis oir, mar is trice, glèidhidh a’ Ghàidhlig feadhainn fhada ’s ghoirid sa chiad lide agus ’s ann goirid a tha e ann am palfrey. Ach facal inntinneach gun teagamh, cothrom tràchdais do chuideigin is dòcha a tha dèidheil air eich agus fòn-eòlas – ach a-nochd, òlaidh mi slàinte Lady Evelyn, ’s bochd nach robh na cothroman aice-se a bhiodh aice an-diugh ann an saoghal an rannsachaidh, ach ’s math gun robh i ann!

Mìcheal Bauer, cuidiche rannsachaidh

Rudan dìomhair ann an làn-fhollais

(English Synopsis: Sometimes the most interesting word histories are hiding in plain sight right before our eyes and today we look at a formula which these days is mostly used as a response to “thank you” but has a much more interesting back story, harking back to a much more violent phase in history)

Uaireannan tha rudan gu math annasach ’s àrsaidh am falach fo ar sùilean fhìn ann an làn-fhollais. Mar a’ bheatha. Chan e beatha san t-seagh bhith-eòlach a tha fa-near dhomh ach am facal beatha a tha a’ nochdadh ann an grunn abairtean sa Ghàidhlig.

Na chnuasaich sibh a-riamh dè dìreach a tha abairtean mar ’s e do bheatha air neo do bheatha dhan dùthaich a’ ciallachadh? Bhuail an t-seann-cheist seo orm a-rithist grunn tursan sa phròiseact seo mar eisimpleir san sgeulachd Triùir Mhac Rìgh Éireann:

… nuair a chuala e guth ag éigheach, “Thig a-nuas, còmh rium agus ’s e do bheatha.” “Ó cha téid,” ars esan, “mise ’nad chomhair…

agus Ridire nam Beann ’s nan Gleann ’s nam Bealach:

Bha an doras fosgailte agus teine math air meadhan an ùrlair. Chaidh i a-stigh agus thubhairt bean an tighe, ’s i ’na suidhe aig ceann shuas an teine: “Thig a-nìos, a bhean bhochd. Is e do bheatha an-seo a-nochd. Bha an duine agad ann an-raoir, e fhéin agus a thriùir chloinne.”

Nise, ma chuireas sibh ceist air cuideigin beagan nas òige an-diugh a thaobh mar a chleachdas iadsan an abairt ’s e do bheatha, tha mi cha mhòr cinnteach gur e “mar fhreagairt air mòran taing/tapadh leat” an fhreagairt a gheibh sibh. Agus chan eil sin ceàrr idir. Ach chan e a’ chiall seo a th’ againn sna sgeulachdan idir, chan eil duine sam bith a’ toirt seachad taing. Agus ma nì sibh cnuasachadh beagan nas fhaide, ’s cinnteach gum buail an abairt do bheatha dhan dùthaich oirbh cuideachd, abairt eile air an aon alt ach gun luaidh air taing ’ga thoirt seachad.

Ma tha Gaeilge agaibh, bidh fios agaibh gun can iad tá fáilte romhat gu tric ach gu bheil an aon abairt, is e do bheatha, a’ nochdadh an-siud ’s an-seo cuideachd mar fhreagairt agus cuideachd san t-seagh eile, mar eisimpleir san òran ainmeil Óró sé do bheatha abhaile is e a’ cur fàilte air a’ Phrionnsa air ais san dùthaich. Tha an t-òran seo a’ nochdadh co-dhiù cho fad air ais ris a’ bhliadhna 1855 san leabhar Complete Collection of Irish Music aig George Petrie agus ’s e welcome home Prince Charley an t-eadar-theangachadh ann.

Ann an Gàidhlig sgrìobhte, ’s ann san t-Seann-Bhìoball (sna h-Apocrypha Gàidhlig, 1806) a lorg mi an tionndadh as sine gu ruige seo is cuideigin a’ cur fàilte air Raphael gu àite:

Tobit 5:13
An-sin thubhairt Tobit,
’S e do beatha, a bhràthair

Saoil an e rud gallta a th’ ann a thàinig on Bheurla no Lochlannais? Chan eil coltas gur e oir ma bheir sinn sùil air na seann-sgrìobhainnean, tha abairtean gu math coltach ris a’ nochdadh meadhanach tric. Mar eisimpleir, ann an sgeulachd mu dhèidhinn ChùChulainn agus Conchar tha CùChulainn ag ràgh día do bethu. Saoil a bheil ceangal ri Dia ann? Ma dh’fhaoidte ach bhiodh sin neònach oir cha robh ceangal eadar an Fhiann agus Crìosdaidheachd.

Ma chumas sinn oirnn leis an rannsachadh, chì sinn gun robh abairtean mar rotbia-su fáilte “bidh fàilte romhaibh” agus rotbia in failti sunda againni “bidh fàilte romhaibh againn an-seo” a’ nochdadh ann an sgrìobhainnean far a bheil daoine a’ cur fàilte air daoine eile gu àite. Agus gu h-annasach, tha an abairt a leanas againn cuideachd ann an sgrìobhainn às an 15mh linn: rotfia do betha.

Nise, chan eil coltas dia, Día no ’s e air rotfia ach ma dh’fhaighnicheas sinn de dh’eòlaiche na Seann-Ghaeilge dè tha rotfia a’ ciallachadh, gheibh sinn freagairt gu math inntinneach. Innsidh iad dhuinn gur e ro-t·bia an litreachadh ceart anns a’ chiad dol a-mach agus

  • gur e ro-leasachan a bh’ ann an ro a nochdadh air beulaibh ghnìomhairean agus a bha a’ ciallachadh rudeigin mar a dh’ionnsaigh
  • gun robh -t- ’na chomharradh air an dàrna pearsa (thu), an aon -t a th’ againn aig deireadh dhut no bhuat
  • gum b’ e gnìomhair san treas phearsa san àm ri teachd a bh’ ann am -bia, car mar bidh e ann an Gàidhlig an-diugh
  • gu bheil do a’ ciallachadh an aon rud fhathast, ’s e sin rud a th’ agad, do mhàthair, do chù is msaa
  • agus gu bheil betha a’ ciallachadh an aon rud fhathast, beatha.

Agus ma chuireas sinn còmhla gach mìr dhen dealbh seo, tha abairt againn a tha a’ ciallachadh rud mar “bidh do bheatha agad” agus leis cho borb ’s cho cunnartach ’s a bha na linntean ud, bhiodh fàilte air gun teagamh, “thig an-seo agus cha chuir sinn bàs ort”…

Thairis air na linntean, dh’fhalbh an ro- agus chrìon tbia mean air mhean gu dia, agus an uair sin agus mu dheireadh thall, ’s e. Bidh bolgan-solais os cionn feadhainn dhibh a-nis agus sibh a’ smaoineachadh air an fhacal annasach di a tha a’ nochdadh ann an abairtean mar tha thu di-beathte agus làn di do bheatha – sin an tbia ud agus chan eil ceangal ris an roimhear de idir.

Lorg mi fiù aon sgeulachd far a bheil an abairt ’ga chleachdadh sa chaochladh, ag innse do chuid-eigin nach eil fàilte romhpa ann an àite. Anns an sgeulachd, tha Séadanda dìreach air a’ chù aig Culainn a mharbhadh agus tha Culainn a’ faighneachd dheth cò esan agus nuair a chluinneas e cò esan, tha e a’ freagairt ’S e do bheatha air sgàth d’ athar is do mhàthar ach chan e do bheatha air do sgàth fhéin.

Tha coltas, an dèidh sin ’s ’na dhèidh, gun robhar a’ cur fàilte air daoine gu àite, a’ gealltainn dhaibh nach cailleadh iad am beatha an-seo, leis an abairt seo an toiseach agus gun do thòisich daoine air a chleachdadh a bharrachd air sin mar fhreagairt dha mòran taing is tapadh leat uaireigin.

Nise, eadar an eachdraidh seo ’s fonn drama a tha a’ tighinn orm, saoil an e facal Gàidhlig a th’ ann an uisge-beatha an da-rìribh? Tillidh mi chun na ceist chonnspaideach seo an ath-thuras a nochdas uisge-beatha ann an sgeulachd agus chì sinn!

Mìcheal Bauer, cuidiche rannsachaidh

Dè a’ Ghàidhlig air fee-fi-fo-fum?

(English Synopsis: Musings about what the words fith fath fuathagaich /fi fa fuəgɪç/ which are spoken by giants in certain tales such as Gille an Fheadain Duibh ‘The Lad of the Black Whistle’ could mean and whether there might possible be a link to the fee-fi-fo-fum from Jack and the Beanstalk.)

Ann an seann-sgeulachdan, tachraidh e gu math tric gun nochd facal, abairt no gnàthas-cainnte annasach. Ach chan iongnadh mòr sin: b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aig an fheadhainn a dh’innis na sgeulaichean ud. Bhiodh iad a’ toirt dealbh air an t-saoghal ann an Gàidhlig sa chiad dol a-mach, agus bha Gàidhlig èasgaidh shùbailte shiùbhlach aca a tha a leithid mar rionnagan san oidhche fhrasaich an-diugh. Ach leis gun dàinig na sgeulachdan seo a-nuas thuca o ghinealach gu ginealach, uaireannan nochdaidh rud-eigin annta air a bheil coltas fìor-aosta agus nach eil furasta ri thuigsinn idir.

Tha sgeulachd ann a nochdas ann an diofar cruthan ach aig cridhe na sgeulachd tha balach òg a nì sabaid an aghaidh trì fuamhairean agus am màthair. Fhuair am balach obair buachailleachd aig cailleach ann am baile air chor-eigin agus bidh e a’ falbh le gobhair na caillich. Ged a thoirmisg a’ chailleach dha falbh rathad nam fuaimhairean, sin a nì e. Agus nuair a ruigeas e an gàrradh a tha mun cuairt air taigh a’ chiad fhuamhaire, cuiridh e toll ann agus leigidh am balach na gobhair a-steach. Bidh am balach crosta seo (an-dà, tha e dìreach air dochann a dhèanamh air gàrradh fuamhaire bochd agus na gobhair ag ithe a’ bharra aige a-nis!) an uair sin a’ sreap suas craobh agus a’ cluich fhìdeag ann. Thig an uairsin fuamhair ’s e airson facal modhail fhaighinn air mac an ànraidh seo shuas sa chraobh agus bidh rann àraidh aig an fhuamhair ’s e a’ tighinn:

Air fith fath fuathagaich¹ air barraibh an albhagaich,²
’S fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh ’s tolladh
a’ feitheamh air greim dhe d’ fheòil is
balgam dhe d’ fhuil, a mhic an Albannaich.³

¹ no fuagaich/fuamhaich
² no almhagaich/all(a)mharaich agus fiù air baile nan Albannaich uaireannan
³ no rìgh

Nise, tha an dàrna, treas is ceathramh sreath furasta gu leòr ri thuigsinn, fuilteach ’s gu bheil iad. Ach bha a’ chiad sreath a-riamh a’ cur iongnadh orm. Dè th’ ann an albhaga(i)ch? Agus dè dìreach a tha air fith fath fuathagaich a’ ciallachadh? Feumaidh mi aideachadh nach eil fhios a’m, ged a tha nàdar de dh’amharas agam. (Ma tha sibh airson èisteachd ris, seo aon dhe na clàraidhean aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha am fith fath fuathagaich a’ nochdadh san dàrna clàradh, ’s dòcha dà mhionaid an dèidh toiseach a’ chlàraidh.)

A’s a’ chiad dol a-mach, saoilidh mi gu bheil baile nan Albannaich dìreach na mhearachd is an sgeulaiche a’ dol car iomrall (no fiù an neach a rinn an tar-sgrìobhadh, chan eil na clàraidhean cho soilleir uaireannan). Ged nach eil mi cinnteach idir mun albhagaich, leis gu bheil gach tionndadh dhen sgeulachd ag innse gun do shreap e suas craobh, chanainn gu bheil air barraibh (< bàrr + -aibh) ag innse gu bheil e na shuidhe air rudeigin, ge be dè th’ ann an albhagaich. Tha albhagaich a’ toirt ailbh(eag) “creag” nam inntinn ach carson a bhiodh e air creag is e dìreach air craobh a shreap?

Ach co-dhiù, ’s e a’ chiad phàirt a tha a’ fàgail tachais nam inntinn bhochd. Dè th’ anns na faclan seo? An e faclan fuadain a th’ annta, vocables mar gum biodh? Cha phìobaire mi ach chan eil coltas canntaireachd air — chan ann air fuathagaich co-dhiù. Chan eil cus ciallach sna faclairean a bharrachd. Tha aon fhacal ann, fìth-fàth, sin cleòca a dh’fhàgas do-fhaicsinneach thu. ’S e facal gu math aosta a th’ ann; tha e a’ nochdadh san t-Seann-Ghaeilge mar fía fé (is cruthan eile). Ach cha chreid mi gur e cleòca mar a sin a th’ againn an-seo. Chan eil dad ann an gin dhe na sgeulachdan a tha a’ toirt iomradh air do-fhaicsinneachd.

An aon rud – agus sin an leth-amharas air an dug mi iomradh roimhe – a bhuail orm, sin an rann ud a tha a’ nochdadh ann an ‘Jack and the Beanstalk’:

Fee-fi-fo-fum,
I smell the blood of an Englishman,
Be he alive, or be he dead
I’ll grind his bones to make my bread

Chan e dìreach gu bheil fee-fi-fo-fum car coltach ri fith fath fuathagaich ach tha an rann air fad gu math coltach na nàdar ris an rann Ghàidhlig, nach eil?

A-rèir coltais, ’s ann aig Shakespeare a tha seo a’ nochdadh ann an sgrìobhadh a’ chiad turas (mar fie, foh, and fum). Tha an Oxford English Dictionary (aig a bheil e mar fee-faw-fum) ag innse dhuinn gur e doggerel a th’ ann ach cha do lorg mi cus a mhìnicheas air na tha fee-fi-fo-fum a’ ciallachadh ann, no cò às a thàinig e. ’S e sin, an e faclan fuadain Beurla a th’ annta no saoil an do ghoid a’ Bheurla seo air cànan eile? Ged a tha eòlaichean sgeulachdan ag innse dhuinn gu bheil ‘Jack and the Beanstalk’ a’ buntainn ri roinn sgeulachdan ris an canar “neach a’ marbhadh dràgan”, chan fhaighear a’ phònair draoidheachd ud ach ann am Breatainn. Cha chuireadh e iongnadh orm nam biodh freumh no freumhag Cheilteach aig Jack, car mar a dh’fhàg àireamhan nam Breatannach lorg san yan tan tethera.

Ach ged a tha pailteas iongnaidh orm, chan eil dad a dh’fhios. Saoil a bheil sgeulachd mar seo aig na Cuimrich? No a bheil mi fada ceàrr ’s mìneachadh gu tur eadar-dhealaichte air? Dè ur beachd-ne?

Mìcheal Bauer, cuidiche rannsachaidh

Powered by WordPress & Theme by Anders Norén

css.php

Report this page

To report inappropriate content on this page, please use the form below. Upon receiving your report, we will be in touch as per the Take Down Policy of the service.

Please note that personal data collected through this form is used and stored for the purposes of processing this report and communication with you.

If you are unable to report a concern about content via this form please contact the Service Owner.

Please enter an email address you wish to be contacted on. Please describe the unacceptable content in sufficient detail to allow us to locate it, and why you consider it to be unacceptable.
By submitting this report, you accept that it is accurate and that fraudulent or nuisance complaints may result in action by the University.

  Cancel